Ticeadan an asgaidh do dh’Albannaich a’ tighinn a dh’aithghearr. Bithibh còmhla rinn aig Féile na Gealaí 2023.

Dè th’ ann am Féile na Gealaí?
‘S e fèis chiùil a th’ ann am Féile na Gealaí a bhios a’ comharrachadh cultar co-aimsireil na Gaeilge. ‘S ann ann an Ráth Chairn ann an siorrachd Meath a thèid a cumail gach samhradh, a’ taisbeanadh a h-uile seòrsa ciùil agus iomadh seòrsa tachartais tron deireadh-sheachdain. ‘S e fèis champachaidh a th’ inntele daoine bho air feadh na h-Èireann agus na h-Alba a’ tighinn còmhla gus pàirt a ghabhail innte. ‘S urrainn do luchd-labhairt na Gàidhlig cuir a-staigh airson ticeadan an asgaidh tron cheangal seo!
Fiosrachadh Cudromach
‘S ann ann an Ráth Chairn a bhios an fhèis a’ tachairt, bhon 9mh – 11mh den mhios.
‘S e fèis champachaidh a th’ innte ‘s mar sin, thoiribh leibh ur teantaichean! Gheibhear taighean-beaga, frasan agus biadh air làrach na fèise. Cha bhi bàr aig an fhèis fhèin ach faodaidh sibh deochan fhaotainn bhon taigh-sinnse ionadail ‘An Bradán Feasa’.
Chan eil Ráth Chairn ach 50 mionaid sa chàr bho Phort-adhair Bhaile Ath Cliath. Mholamaid itealan fhaighinn do Bhaile Ath Cliath agus an uair sin, bus no tagsaidh prìobhaideach a ghabhail a Ráth Chairn ma bhios buidheann agaibh a’ siubha còmhla (€90-€100) air no, bus àbhaisteach fhaighinn gu Navan (Uaimh) agus an uair sin, tagsaidh a ghabhail a Ráth Chairn bhon sin.
Cluichidh Valtos oidhche Haoine agus bidh tachartas againn Disathairne airson fàilte a chur air na h-Albannaich agus cothrom a thoirt dhuibh eòlas a chur air Gàidheil na h-Èireann le Brian Ó hEadhra.
Làrach campachaidh agus na fèise; https://goo.gl/maps/rqFRrNsYBss
An Bradán Feasa (Taigh-seinnse); https://goo.gl/maps/G1KETBsYvf32
Àireamhan thagsaidhean;
Aaron McDonagh 0863021639
Anthony Tennaty Tagsaidh & Meabh-bhus 0872036300
Donie Quinn Tagsaidh & Meabh-bhus 046 9437777
Ma bhios buidheann agaibh a’ siubhal ann còmhla agus sibh a’ beachdachadh air meanbh-bhus prìobhaideach fhaotainn bhon phort-adhair a Ráth Chairn, mholamaid sin a chur air dòigh cho luath ‘s a ghabhas.
Ma bhios sibh a’ siubhal air bus àbhaisteach;
Bus Éireann Slighe 109A – Port-adhair Bhaile Ath-Cliath (Rathad Antrim Zone 10) gu Navan (Taigh-òsta Ardboyne)
‘S urrainn dhuibh tagsaidh òrdughadh no lioft fhaotainn bho Ardboyne gu Ráth Chairn.
Ma tha ceist sam bith eile agaibh, cuiribh fios gu [email protected]
Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri ur faicinn aig an fhèis.